Seo am podcast oifigeil le Bòrd na Gàidhlig. Sa phodcast a tha seo bruidhnidh sinn le daoine a tha ag obair no an sàs leis a' Ghàidhlig aig diofar ìrean; gu h-ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta. Cuir fios thugainn ma tha ceist no beachd sam bith agad.
Brian Ó hEadhra a' bruidhinn ri Greg MacThòmais, Leabharlannaiche aig colaiste na Gàidhlig - Sabhal Mòr Ostaig.
Coinnich ri seinneadair Gillebrìde MacIlleMhaoil agus neach-ealain dhràma Rona Dhòmhnallach. Tha an dithis aca à Uibhist a Deas agus a-nis a' fuireach is ag obair sna h-ealain ann an Glaschu.
Coinnich ri Iseabail Strachan a tha na h-oifigear pròiseactan aig Aros, ann am Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach.
Coinnich ri Curstaidh NicDhòmhnaill a tha na h-Oifigear Ealain Thradaiseanta aig Alba Chruthachail.
Ionnsaich mu Mhòd Ghlaschu 2019 le Seumas Greumach is DI Brown.
Ionnsaich mu na tha dol aig Ceòlas Uibhist bho Liam Crouse agus aig Taigh Chearsabhagh bho Fhionnghal NicÌasaig agus Sgàire Uallas.
Bidh Griogair Labhruidh ag innse dhuinn mun obair is leasachaidhean aige mar neach-ciùil is tosgaire nan Gàidheal.
Bidh Taisbeanadh na Gàidhlig aig gach Mòd Nàiseanta. Choinnich sinn ri cuid de na buidhnean a bha an làthair aig a' Mhòd ann an Dùn Omhain.
Coinnich ri Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig aig DNA (Dualchas Nàdair na h-Alba).
Tha sinn a' bruidhinn ri Maureen Hammond mun obair a th'aice mar neach-ealain agus an rannsachadh eachdraidheil a bhios i a' dèanamh tro Olthaigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Coinnich ri Fay NicDhiarmaid bhon Sgioba nan Tràth Bhliadhnaichean aig Bòrd na Gàidhlig.
Coinnich ri Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Pròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis.